27.2.08

Abidilean agus cànan.


Saga

Bha na Lochlannaich a cleachdadh creagan air son a sgriobhadh air.
Se saga sgeul glè fhada .
Bha feadhainn dè na sagas sgrìobhte mu dheidhinn bàsachadh.

Clachan

Bha na Lochlannaich a cleachdadh creagan airson a sgrìobhadh air.
Tha torr daoine a' sgriobhadh orra : Bha Eirik an seo, bha Harold an seo agus bha Leif an seo.

Ainmean

Tha seo feadhainn dè na ainmean daoine Lochlannaich:
Anund, Arnor, Abi, Alof, Bard, Banki, Cnut, Eid, Erp, Gulli, Inga, Runa, Yrsa agus Yngvild.
Seo feadhainn dè na h-ainmean àite Lochlannach :
vatr/uisge, nes/rubha, fjall/beinn, borg/dùn, arn/solas, dalr/gleann.


Le Ewen agus Vincent

22.2.08

Aodach

Bhiodh am mathair a’ dèanamh aodach bho cloimhe. Bha cuid aodach air a dhèanamh bho stuthan. Bhiodh balaich a‘ cur orra berserker agus cleoca le
braiste. Bha an t-aodach airson an cumail blath. Bha na fìr a’ cur orra cloimhe, tunics agus briogais. Bha na brògan aca coltach ri slapagan.

Bha thu gam faighnn ann an donn agus ann an torr dathan eile. Bha na nighean a’ cosg dreasa agus slapagan.

Le Lucy is Charlotte

Cur-seachadan: Fìr Taileisg


B’e taileasg aon de na cur-seachadan a b’fheàrr aig na Lochlannaich. Bhiodh iad a toirt nam piosan fìr taileasg a h-uile àite anns an robh iad a dol! Tha fir taileasg againn a-nis agus seo ciamar...

A reir eachdraidh bha bò a' cladhach san talamh is chunnaic a’ bhò rudeigan san talamh is thoisich e a' deanamh fuaimean! Stad an tuathanach ag obair is choisich e dhan bhò. Choimhead e san talamh is an toiseach smaoinnaich e gur e sitheachan a bh’annta ach an uairsin mhothaich e gur e na fir taileasg Lochlannach a bh’ann!!!

Le Kitty agus Bethany

Clann


Cha robh na deideagan acasan mar na deideagan againn. Bha na deideagan aca gu math brisg. Bha dotaman aig tòrr cloinne.

Bha riaghailtean aig na pàrantan airson na cloine a bhith a’ coimhead às an deidh ann an aois aosta.

Bha na nigheanan beaga a cuideachadh am mathar le cocaireachd is nighe.

Bha na h-athairean teagaisg dha na balaich beag aca ciamar a bhiodh iad a sabaid. Uaireannan bhiodh na h-athairean a toirt nam balach ag iasgach.

Cha robh tòrr bidhe air son na cloinne. Dh’fheumadh na balaich beaga a dol a shealg beathaichean.

le Rebecca is Claire

18.2.08

Saighdearan

Bhiodh na Lochlannaich a’ cleachdadh airson sabaid armachd mar tuagh, ord, sgiath agus claidheamh.

Bha na Lochlannaich a’ tighinn à Nirribhidh, an Danmhairc agus an t-Suain. Bha an dòigh beatha aig na Lochlannaich garbh. Bha iad ag ithe iasg, each agus fèidh.

Bha tòrr pàrtaidhean ann airson saighdear mar Up Helli Aa. Ach bha sin a tighinn bho fèisean mar Yule.

Bha an aodach aig saighdear Lochlannach cleoca, leine mòr, miotagan agus clogaid.

Chaidh na saighdearan Lochlannach gu Alba, Eirinn, Sasainn, a' Ghraolainn agus an Fhràing.


Le Matthew agus Jake

15.2.08

Cur-seachadan: Spòrs

Bu toil leis na Lochlannaich spòrs nuair a bha iad a cluich an aghaidh a cheile. Bha iad deidheil air: seòladh, marcachd air eich, bogha is saighead is snàmh. Cuideachd bha iad a sabaid.

Bogha is saighead

Se bogha is saighead rud a bha na Lochlannaich feumach air. Bha am bogha is saighead air a chleachdadh airson cogaidh agus sealg bheathaichean airson biadh. Bha tòrr co-fharpaisan bogha is saighead ann agus bha na Lochlannaich deidheil air.

Sabaid- uisge

B’e sabaid uisge sabaid a tha thu a deanamh san uisge. B’e an doigh a bha na Lochlannaich a cluich: Dh’fheumadh tu a cumail an ceann aig an duine eile sìos gus an robh iad a gèilleadh.

Snàmh fada

Bha na daoine a bha snàmh a toiseachadh bho an tràigh is a snàmh a-mach dhan mhuir mhòr. Bhiodh iad a snàmh a-mach gus an robh e a fàs ro dhomhain. B'e an duine a bha a tionndaidh mu dheireadh a bhuainneachadh!

Le Evie agus Bethany

Cur-seachadan: Sagas

Se saga sgeul fada a bhiodh na Lochlannaich a’ sgrìobhadh agus ag innse. Bha aon de na sgeulachean ag ràdh gun robh duine Lochlannach a’ sabaid uilebheist mara agus chuir e bàs air an uilebheist. Bha iad ag innse gum bi an saoghal a tighinn gu deireadh ann am Blàr Ragnarok agus thuirt iad gum biodh saoghal ùr air a bhreith le tobhtaichean an t-saoghail aosta. Bha cuid de na diathan agus ban-diathan aig na Lochlannaich ann an cuid de na sagas.
Le Kitty

4.2.08

Snaigheadh


Torr bhliadhna air ais bha na Lochlannaich a sgrìobhadh runaichean air clachan mòr le òrd bheag agus clach bhiorach. Ann an Lochlann bha na ceudan de eaglaisean ann agus tha torr runaichean air a bhith snaighte ann airson mìle bliadhna. Nuair a bha iad deiseil bha iad a’ cur inc dearg no dubh ann. Ma thèid thu gu Arcaibh tha torr graffiti Lochlannach anns an t-seann bhaile Skara Brae.
le Ruairidh agus Connor